Salmond ag ceiliúradh 40 bliain de Sabhal Mór Ostaig

idirnáisiúnta, nuacht, Nuacht24

Sabhal Mor Ostaig New Campus ACCSabhal Mòr New CampusPrìomh Mhinistear na h-Alba a’ cur meal-a-naidheachd air SMO agus a’ cholaiste a’ comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh

Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, meal-a-naidheachd air Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, is mhol e obair na colaiste aig Cuirm Fàilteachaidh a chaidh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh (Dimàirt 17 Sultain) gus comharrachadh mar a tha 40 bliadhna ann bho chaidh a’ cholaiste Ghàidhlig a stèidheachadh.

Chaidh am fàilteachadh a chumail air aoigheachd a’ Bhuill Pàrlamaid Albannaich, Mike MacCoinnich, agus am measg nan daoine a thug seachad òraid aig a’ chuirm bha am Prìomh Mhinistear, Cathraiche Urrasairean na Colaiste, an Siorraidh Ruaraidh Iain MacLeòid agus an Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain, Donaidh Rothach.

Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond: “Cha robh ann an-toiseach ach sabhal agus beachd o chionn dà fhichead bliadhna, ach a-nis tha ionad foghlaim àrd-ìre aig a bheil cliù eadar-nàiseanta ann le uallach airson a bhith gleidheadh, a’ cur air adhart agus a’ brosnachadh na Gàidhlig. Seo an t-àm ‘meal-a-naidheachd’ a chur air a h-uile duine a bha an sàs sna h-oidhirpean gus an lèirsinn a bh’ ann an-toiseach a thoirt gu buil, bho òraidichean gu urrasairean gu oileanaich agus a’ choimhearsnachd san Eilean Sgitheanach.

“Chan e an t-oilthigh as sine a th’ againn, ach tha e an-nis an urra ri Sabhal Mòr Ostaig an cànan as sine a th’ aig Alba a ghleidheadh dhuinn. Mar a tha fhios aig iomadh Gàidheal, chan e dìreach cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig. Tha i na pàirt ro chudromach de dh’fhèin-aithne is dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus air sgàth obair an t-Sabhail, tha a’ Ghàidhlig a’ buntainn ri ar beatha an-diugh a cheart uiread agus a bha i o chionn 40 bliadhna, no fiù ’s 400 bliadhna. Tha sin air a bhith follaiseach dhomh gach turas a thadhail mi air a’ cholaiste.

“Tha Riaghaltas na h-Alba riamh air a bhith taiceil do leasachadh na Gàidhlig agus do bhith cruthachadh luchd-labhairt ùr. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith cumail oirnn ag obair còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig gus a’ Ghàidhlig a chumail beò airson nan ginealaichean a tha ri teachd.”

Thuirt Mike MacCoinnich BPA: “Tha e air a bhith na urram mòr dhomh gum b’ urrainn dhomh mo thaic a chur ris an tachartas seo a-nochd agus sinn a’ comharrachadh 40 bliadhna den t-Sabhal Mhòr. Tha an t-ionnsachadh agus na goireasan aig SMO sònraichte math agus tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheil colaiste againn san Eilean Sgitheanach a tha cho gnìomhach is soirbheachail na h-obair. Cuideachd, bu chòir do dhaoine a bhith moiteil às na h-oileanaich ciùil a chuala sinn a-nochd.

“Tha cànan is cultar na Gàidhlig glè chudromach do dhualchas is fèin-aithne iomadh neach air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, gu dearbh ann an Alba air fad, mar sin tha e mìorbhaileach mar a tha sinne, ann an 2013, a’ comharrachadh soirbheachadh na colaiste thar na 40 bliadhna a dh’fhalbh agus gu bheil an uiread miann is dìoghras ann airson a bhith togail air an t-soirbheachadh sin sna bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn. Tha an leasachadh ùr sa Chill Bhig gu math inntinneach agus ’s e sin an dearbh seòrsa leasachaidh a bheir spionnadh is togail don choimhearsnachd ionadail. Chan e a-mhàin gum bi e gu buannachd na coimhearsnachd, ach thig buannachdan eaconamach is sòisealta às airson Alba gu lèir agus a bheir buaidh gu h-eadar-nàiseanta. Tha SMO na eisimpleir fìor mhath de mar as urrainn do mhuinntir na h-Alba obair còmhla gus cinn-uidhe iongantach a ruighinn agus tha sinn air na toraidhean a th’ aig sin fhaicinn a-nochd.”

A thuilleadh air na h-òraidean, chaidh obair na colaiste a thaisbeanadh agus obair grunn bhuidhnean nàiseanta a tha stèidhichte aig a’ cholaiste, nam measg bha Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig, Ainmean-àite na h-Alba agus Soillse. Cuideachd, thug an tachartas aithne dhan obair mhòr a rinn iomadach neach thar nam bliadhnaichean a chuir ri soirbheachadh na colaiste agus dha na cinn-uidhe a tha ron cholaiste sna bliadhnaichean ri thighinn. Mar phàirt den fhàilteachadh, bha còmhlan de dh’oileanaich chiùil bho SMO, agus luchd-ciùil a chleachd a bhith nan oileanaich aig a’ cholaiste, an làthair.

Thuirt Ruaraidh Iain MacLeòid às dèidh làimh: “Ann a bhith comharrachadh dà fhichead bliadhna bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chruthachadh agus ann a bhith a dèanamh sin ann am Pàrlamaid, tha e iomchaidh gun toireamaid taing do gach cuideachadh a tha an Sabhal Mòr air fhaighinn bho gach partaidh a tha air a bhith ann an riaghaltas an dà chuid an seo agus, mas robh a’ Phàrlamaid seo ann, ann an Lunnainn thairis air an ùine a tha sin. ’S e na Tòraidhean a bha a riaghladh ann an 1973 nuair a thòisich SMO agus a-rithist ann an 1983 nuair a thòisich cùrsaichean làn-ùine agus bha an Ridire Seòras Younger nach maireann, a bha an uair sin na Rùnaire na Stàite airson Alba, cho taiceil dhan a bheachd gum bu chòir colaiste Ghàidhlig a bhith ann. Bha riaghaltas Làbarach air a bhith ann ron riaghaltas anns an robh esan na Mhinistear, agus a-rithist eadar 1997 agus 1999, nuair a dh’fhosgail a’ Phàrlamaid seo. Anns a’ Phàrlamaid seo tha taic dhan an t-Sabhal Mhòr air leantainn gu treibhdhireach tron a’ cho-bhanntachd eadar na Làbaraich agus na Lib-Deamaich, eadar 1999 agus 2007, agus, bhon uair sin, bhon an riaghaltas SNP a th’ ann an-diugh. Às aonais an taic-san thar na 40 bliadhna a dh’fhalbh cha bhiodh an Sabhal Mòr ann an-diugh. Tha an taic sin na theisteanas air an luach a thathas a’ cur air na tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith dèanamh thairis air an ùine sin agus cuideachd air an deagh bhàidh a tha air a bhith ann, agus a th’ ann an-diugh, dhan a’ Ghàidhlig agus dha na rudan a tha sinne, aig an t-Sabhal Mhòr, a’ feuchainn ri choileanadh às leth na Gàidhlig. Ged nach eil adhbhar a bhith a’ smaoineachadh nach lean an taic sin anns na bliadhnaichean a tha romhainn feumaidh sinn an-còmhnaidh a bhith airidh air agus a bhith ga chosnadh. Ach aig an am seo, agus sinn a coimhead air ais, tha e iomchaidh ‘Ceud mile taing’ a ràdh riuthasan uile a tha air ar toirt gu far am bheil sinn an diugh.”

Thuirt Donaidh Rothach: “Tha e air leth iomchaidh gu bheil Pàrlamaid na h-Alba air a’ bhliadhna shònraichte againn a chomharrachadh san dòigh seo, agus sinn a’ coimhead air ais air 40 bliadhna san d’ fhuair sinn taic chunbhalach bho gach partaidh poilitigeach agus bho gach riaghaltas ann am Pàrlamaid Westminster mus robh fèin-riaghladh ann, agus an uair sin bho riaghaltasan na Pàrlamaid seo. Tha an taic sin air a bhith deatamach do mar a chaidh obair an t-Sabhail a leudachadh agus a leasachadh, agus tha e a’ sealltainn dhuinn gu follaiseach an t-àite cudromach a th’ aig Sabhal Mòr Ostaig ann am foghlam is cultar na h-Alba, mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.”

Tha fàilteachadh na Pàrlamaid mar aon de ghrunn thachartasan a tha air a bhith ann air feadh na bliadhna gus 40 bliadhna den cholaiste a chomharrachadh. Bha cuirm-chiùil shònraichte aig Celtic Connections na bu thràithe air a’ bhliadhna, taisbeanaidhean ealain, co-labhairtean agus Fàilteachadh Rìoghail aig Lùchairt Holyrood. Thèid Dannsa an t-Sabhail a chumail nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna san Taigh-òsta Grosvenor ann an Glaschu agus thèid leabhran mun cholaiste fhoillseachadh le cuimhneachain, sgeulachdan, dealbhan is nithean eile bho eachdraidh na colaiste.

Crìoch…

Fios do luchd-deasachaidh:

  • Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 agus ’s i an aon cholaiste làn-Ghàidhlig air an t-saoghal. Tha i a’ tairgsinn farsaingeachd de chothroman foghlaim aig àrd-ìre agus na cùrsaichean uile tro mheadhan na Gàidhlig. Tha i air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta airson cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

www.smo.uhi.ac.uk

Comments are closed.

Dearthóirí an tSuímh Idirlín Seo: Oin Interactive